scratch-l10n
Version:
Localization for the Scratch 3.0 components
198 lines ⢠39.6 kB
JSON
{
"faq.title": "Ceistean Ă bhaisteach (CĂBHA)",
"faq.intro": "Air an duilleag seo, gheibh thu freagairtean air ceistean Ă bhaisteach mu Scratch.",
"faq.aboutTitle": "Ceistean coitcheann",
"faq.scratch3Title": "Scratch 3.0",
"faq.remixTitle": "Ath-mheasgachadh is lethbhreacan",
"faq.accountsTitle": "Cunntasan",
"faq.permissionsTitle": "Ceadachas is ceadan",
"faq.inappropriateContentTitle": "Susbaint neo-iomchaidh",
"faq.scratchExtensionsTitle": "Leudachain Scratch",
"faq.cloudDataTitle": "Caochladairean neòil",
"faq.aboutScratchTitle": "Dè thâ ann an Scratch agus dè nĂŹ mi leis?",
"faq.aboutScratchBody": "La cĂ nan prògramachaidh agus coimhearsnachd air loidhne Scratch, âs urrainn dhut na sgeòil, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnĂŹomhach agad fhèin a chruthachadh â agus na chruthaich thu a cho-roinneadh le cĂ ch air feadh an t-saoghail. Fad âs a chruthaicheas is prògramaichidh iad pròiseactan Scratch, ionnsaichidh òganaich mar a smaoinicheas iad gu cruthachail is gu rianail agus mar a dhâobraicheas iad còmhla. Airson barrachd fiosrachaidh mu Scratch, faic an duilleag {aboutScratchLink}.",
"faq.aboutScratchLinkText": "mu Scratch",
"faq.makeGameTitle": "Ciamar a chruthaicheas mi geama no beòthachadh le Scratch?",
"faq.makeGameBody": "Thoir sÚil air {ideasLink} airson iomadh dòigh a shealltainn san urrainn dhut tòiseachadh le Scratch.",
"faq.ideasLinkText": "duilleag nam beachdan",
"faq.whoUsesScratchTitle": "Cò chleachdas Scratch?",
"faq.whoUsesScratchBody": "Tha Scratch ga chleachdadh le daoine le dualchasan eadar-dhealaichte is o dhĂšthchannan air feadh an t-saoghail â sna dachaighean, sna sgoiltean, leabhar-lannan, taighean-tasgaidh is a bharrachd. Chaidh Scratch a dhealbhadh a dhâaona-ghnothach dhan fheadhainn òga o 8 gu 16 bliadhna a dhâaois ach cruthaichidh is co-roinnidh daoine de gach aois pròiseactan Scratch. Mholamaid {scratchJrLink} dhan chlann nas òige, seo tionndadh sĂŹmplichte dhe Scratch a chaidh a dhealbhadh dhan fheadhainn o 5 gu 7 bliadhna a dhâaois.",
"faq.requirementsTitle": "Dè riatanasan an t-siostam air a bhios Scratch feumach?",
"faq.requirementsBody": "Gabhaidh Scratch a ruith sa mhòrchuid a bhrabhsairean-lĂŹn lĂ ithreach air desktop, laptop is tablaid. âS urrainn dhut coimhead air pròiseactan air fòn-lĂ imhe ach chan urrainn dhut pròiseact a chruthachadh no a dheasachadh air fhathast.ChĂŹ thu gu h-ĂŹosal liosta de na brabhsairean ris an cuir sinn taic gu h-oifigeil.",
"faq.requirementsDesktop": "Desktop",
"faq.requirementsDesktopChrome": "Chrome (63+)",
"faq.requirementsDesktopEdge": "Edge (15+)",
"faq.requirementsDesktopFirefox": "Firefox (57+)",
"faq.requirementsDesktopSafari": "Safari (11+)",
"faq.requirementsDesktopIE": "Chan eil taic ri Internet Explorer.",
"faq.requirementsTablet": "Tablaid",
"faq.requirementsTabletChrome": "Mobile Chrome (63+)",
"faq.requirementsTabletSafari": "Mobile Safari (11+)",
"faq.requirementsNote": "An aire:",
"faq.requirementsNoteDesktop": "Mur ei na comasan seo aig aâ choimpiutair agad, feuch deasaiche {downloadLink} (faic an t-ath-nĂŹ sna CĂBHA). ",
"faq.scratchApp": "Aplacaid Scratch",
"faq.requirementsNoteWebGL": "Ma thachras tu ri mearachd WebGL, feuch brabhsair eile.",
"faq.requirementsNoteTablets": "Air tablaid, chan urrainn dut blocaichean âbrĂšthadh iuchrachâ no clĂ ran-taice co-theacsail a chleachdadh aig an Ă m seo.",
"faq.offlineTitle": "A bheil tionndadh dhe Scratch ann agad a ghabhas luchdadh a-nuas ach an cruthaich is seall mi air pròiseactan far loidhne?",
"faq.offlineBody": "Leigidh aplacaid Scratch leat pròiseactan Scratch a chruthachadh Ă s aonais ceangal dhan eadar-lĂŹon. âS urrainn dhut {downloadLink} a luchdadh a-nuas o lĂ rach-lĂŹn Scratch no on bhĂšth aplacaidean airson an uidheim agad. (Bhiodh âDeasaiche far loidhne Scratchâ air seo roimhe).",
"faq.uploadOldTitle": "An urrainn dhomh pròiseactan a chaidh a chruthachadh le seann-tionndadh de Scratch a luchdadh suas dhan là rach-lÏn fhathast?",
"faq.uploadOldBody": "âS urrainn: âS urrainn dhut pròiseactan a chaidh a dhèanamh le seann-tionndadh de Scratch a cho-roinneadh is a luchdadh suas agus chithear iad is gabhaidh an cluich. (Gidheadh, chan urrainn dhut pròiseactan a chaidh a dhèanamh no a dheasachadh le tionndaidhean as Ăšire de Scratch a luchdadh a-nuas is fhosgladh le seann-tionndadh.Mar eisimpleir, chan urrainn dhut pròiseact Scratch 3.0 fhosgladh ann an tionndadh desktop de {scratch2Link} o nach eil Scratch 2.0 eòlach air fòrmat faidhle .sb3 nam pròiseactan.)",
"faq.scratch2": "Scratch 2.0",
"faq.scratchCostTitle": "Dè na tha Scratch? A bheil feum agam air ceadachas?",
"faq.scratchCostBody": "Tha agus bidh Scratch saor âs an-asgaidh gu buan. Chan eil feum agad air ceadachas gus Scratch a chleachdadh san sgoil, san dachaigh no Ă ite sam bith eile. Tha leasachadh is glèidheadh Scratch ga phĂ igheadh le tabhartasan is tĂŹodhlacan. Nam bu toigh leat taic a chur ri Scratch, thoir sĂšil air an {donateLink}.",
"faq.donateLinkText": "duilleag toirt tĂŹodhlaic dhuinn",
"faq.mediaLabTitle": "Cò chruthaich Scratch?",
"faq.mediaLabBody": "Tha Scratch ga leasachadh âs ga ghlèidheadh leis an sgioba Scratch aig aâ {llkLink} aig {mediaLabLink}.",
"faq.llkLinkText": "bhuidheann Lifelong Kindergarten",
"faq.mediaLabLinkText": "MIT Media Lab",
"faq.aboutScratch3Title": "Dè thâ ann an Scratch 3.0?",
"faq.aboutScratch3Body": "âS e an ginealach as Ăšire de Scratch a thâ ann an Scratch 3.0 is chaidh fhoillseachadh an 2na latha dhen Fhaoilleach 2019. Chaidh a dhealbhadh airson leudachadh dè na nithean as urrainn dhut cruthachadh le Scratch agus cĂ ite. Thig dusanan de sprĂŹdean Ăšra na bhroinn, deasaiche fuaime gu tur Ăšr agus iomadh bloca prògramachaidh Ăšr.A bharrachd air sin, âs urrainn dut pròiseactan a chruthachadh âs a chluich air an tablaid agad le Scratch 3.0 a-nis agus fhathast air aâ choimpiutair laptop no desktop agad.",
"faq.reportBugsScratch3Title": "Ciamar a dhâinnseas mi dhuibh mu bhugaichean is ciamar a cho-roinneas mi mo bheachdan air Scratch 3.0?",
"faq.reportBugsScratch3Body": "âS urrainn dhut bugaichean aithris agus do bheachdan a cho-roinneadh san earrann {forumsLink} air bòrd-brath Scratch.",
"faq.forumsLinkText": "Bugs & Glitches",
"faq.languagesScratch3Title": "A bheil Scratch 3.0 ri fhaighinn ann an iomadh cĂ nan?",
"faq.languagesScratch3Body1": "Tha. Airson cĂ nan nam blocaichean prògramachaidh atharrachadh, briog air ĂŹomhaigheag na âcruinneâ ann am bĂ r na seòladaireachd aig aâ bhĂ rr san deasaiche prògramachaidh is briog air aâ chlĂ r-taice teĂ rnaidh an uairsin a thaghadh do chĂ nan.",
"faq.languagesScratch3Body2": "Tha na h-eadar-theangachaidhean gu lèir againn gan dèanamh le luchd saor-thoileach. Chaidh deasaiche Scratch 3.0 eadar-theangachadh gu còrr is 40 cà nan mar-thà . ChÏ thu na cà nanan uile a tha gan eadar-theangachadh agus gan lèirmheas air an {transifexLink} againn. Nam bu toigh leat cuideachadh leis an eadar-theangachadh no an lèirmheas, cuir fios gu {emailLink}.",
"faq.transifexLinkText": "fhrithealaiche eadar-theangachaidh",
"faq.removedBlocksScratch3Title": "An toir Scratch 3.0 air falbh gin de na blocaichean còdachaidh o sheann-tionndaidhean de Scratch?",
"faq.removedBlocksScratch3Body": "Cha deach bloca còdachaidh sam bith a thoirt air falbh ann an Scratch 3.0, ach tha cuid air atharrachadh rud beag agus chaidh cuid eile a ghluasad dha na âLeudachainâ (mar a tha sinn aâ mĂŹneachadh san earrann {extensionsFAQLink} gu h-ĂŹosal).",
"faq.newBlocksScratch3Title": "A bheil Scratch 3.0 aâ toirt blocaichean Ăšra dhuinn?",
"faq.newBlocksScratch3Body": "Tha gu dearbh! Seo na gheibh thu ann an Scratch 3.0:",
"faq.newBlocksSoundEffect": "Blocaichean âèifeachd fuaimeâ Ăšra",
"faq.newBlocksOperators": "GnĂŹomharaichean Ăšra a nĂŹ e nas fhasa dhut obair le teacsa (sreangan)",
"faq.newBlocksPen": "Blocaichean pinn Ăšra, aâ gabhail a-staigh taic do thrĂŹd-shoilleireachd",
"faq.newBlocksGlide": "Bloca gluasaid Ăšr ach an gluais thu gu sprĂŹd (no puing air thuaiream) gun duilgheadas",
"faq.newBlocksExtensions": "Iomadh comas Ăšr le âLeudachain Scratchâ (faic an earrann air na leudachain gu h-ĂŹosal)",
"faq.biggerBlocksScratch3Title": "Carson a tha na blocaichean nas motha ann an Scratch 3.0 na bha iad sna tionndaidhean roimhe?",
"faq.biggerBlocksScratch3Body": "Feuch an obraich Scratch 3.0 gu math air uidheaman suathaidh (can iomadh Chromebook, laptop Windows Surface agus tablaidean), bha againn ris na blocaichean a dhèanamh nas motha ach am biodh e nas fhasa an slaodadh is gnogag a thoirt orra. A bharrachd air sin, tha na blocaichean ann an Scratch 3.0 beagan nas motha on a mhothaich sinn gun robh duilgheadas aig cuid a chleachdaichean Úra le briogadh is slaodadh air eileamaidean eadar-aghaidh beaga.",
"faq.extensionsScratch3Title": "CĂ ite an deach na blocaichean pinn? CĂ ite an deach na blocaichean ciĂšil? CĂ ite an deach na blocaichean mothachadh video?",
"faq.extensionsScratch3Body": "Chaidh na blocaichean pinn, ciĂšil is mothachadh video a ghluasad dha na leudachain.âS urrainn dhut leudachan a chur ris âs tu aâ briogadh air aâ putan taobh clĂŹ aig bonn na sgrĂŹn (faic an earrann âLeudachainâ gu h-ĂŹosal).",
"faq.paintEditorScratch3Title": "Cò na gleusan Úra san deasaiche peantaidh?",
"faq.paintEditorScratch3Body": "Chaidh an deasaiche peantaidh ath-dhealbhadh a chum gleusan cumhachdach Ăšra a thoirt dha fhad âs a bhios e nas fhasa cleachdadh cuideachd. Seo na h-atharraichean is gleusan Ăšra:",
"faq.paintEditorLayout": "Co-dhealbhachd Ăšr a nĂŹ na h-innealan agus roghainnean a tha ri am faighinn nas nochdte",
"faq.paintEditorTools": "Innealan Ăšra mar an âsuathanâ a dhâobraicheas sa mhodh vector cuideachd",
"faq.paintEditorColors": "Barrachd roghainnean airson dathan a thaghadh âs a ghleusadh",
"faq.paintEditorVector": "Barrachd smachd air puingean vector (lĂ mhrachain lĂšib is modhan puinge)",
"faq.paintEditorLayers": "Barrachd uidheaman-smachd airson òrdugh nam breathan atharrachadh (âGluais dhan fhĂŹor-bheulaibhâ, âGluais dhan fhĂŹor-chĂšlaibhâ is msaa.)",
"faq.paintEditorGradients": "Uidheaman-smachd Ăšra airson caiseadan",
"faq.soundEditorScratch3Title": "Cò na gleusan Úra san deasaiche fuaime?",
"faq.soundEditorScratch3Body": "Chaidh an deasaiche fuaime ath-dhealbhadh ach am biodh e nas fhasa fuaimean a chlĂ radh is atharrachadh. Tha iomadh gleus Ăšr aige:",
"faq.soundEditorRecording": "Siostam clĂ raidh Ăšr a tha nas fhasa cleachdadh",
"faq.soundEditorTrimming": "Siostam bearradh fuaime Ăšr a tha nas fhasa cleachdadh",
"faq.soundEditorEffects": "Ăifeachdan fuaime Ăšra (can âNas luaitheâ, âNas mailleâ, âMac-tallaâ is âRobotairâ)",
"faq.tipsWindwScratch3Title": "Dè dhâèirich do dhâuinneag oidheaman Scratch?",
"faq.tipsWindowScratch3Body": "Seach uinneag nan oidheaman, bheir Scratch 3.0 stuthan coltach riutha dhut ann an leabhar-lann nan oideachaidhean is gheibh thu greim orra leis aâ cheangal âOideachadhâ ann am bĂ r na seòladaireachd aig aâ bhĂ rr san deasaiche prògramachaidh. Gheibh thu oideachadh air pròiseactan slĂ na ann (can âCruthaich geama seilgâ) no air blocaichean is gleusan sònraichte (can âClĂ raich fuaimâ no âCuir e car mu charâ). Thèid barrachd oideachaidhean a chur ris a dhâaithghearr (can âGeama pongâ is âSgiathaichâ).",
"faq.remixDefinitionTitle": "Dè thâ ann an ath-mheasgachadh?",
"faq.remixDefinitionBody": "Nuair a nĂŹ Neach-Scratch lethbhreac de pròiseact aig cuideigin eile agus ma dhâatharraicheas e e gus na beachdan aige fhèin a chur ris (can gun atharraich e sgriobt no dreach), cuiridh sinn âath-mheasgachadhâ air aâ pròiseact ud. Gabhaidh pròiseact sam bith a chaidh a cho-roinneadh air lĂ rach-lĂŹn Scratch co-mheasgachadh. Ar leinn tha gach atharrachadh bĂŹodach na ath-mheasgachadh dligheach cho fad âs a chaidh urram a thoirt air cruthadair aâ phròiseict thĂšsail agus air an fheadhainn a chur ris an ath-mheasgachadh air ĂŹre mhath.",
"faq.remixableTitle": "Carson a tha sgioba Scratch ag iarraidh gun gabh a h-uile pròiseact âath-mheasgachadhâ?",
"faq.remixableBody": "Cha chreid sinn nach e deagh dhòigh ionnsachaidh a tha san ath-mheasgachadh airson prògramachadh is cruthachadh phròiseactan inntinneach. Leis an ath-mheasgachadh, thèid beachdan chruthachail a sgaoileadh thar coimhearsnachd Scratch agus gheibh a h-uile duine buannachd Ă s. Tha a h-uile pròiseact air lĂ rach-lĂŹn Scratch fo cheadachas âCreative Commons Share Alikeâ agus is ciall dha seo gum faod thu pròiseact sam bith a chĂŹ thu air lĂ rach-lĂŹn Scratch ath-mheasgachadh â agus mar an ceudna, faodaidh duine sam bith na pròiseactan a cho-roinn thu fhèin air an lĂ rach-lĂŹn ath-mheasgachadh.",
"faq.creativeCommonsTitle": "Dè mur eil mi airson âs gun co-roinn cĂ ch na pròiseactan agam?",
"faq.creativeCommonsBody": "Tha ath-mheasgachadh na phĂ irt chudromach de choimhearsnachd Scratch. Mur eil thu ag iarraidh gum faic is gun co-mheasgaich cĂ ch na chruthaich thu, âs urrainn dhut fhathast pròiseactan a chruthachadh air lĂ rach-lĂŹn Scratch fhad âs nach co-roinn thu iad air an lĂ rach-lĂŹn.",
"faq.fairUseTitle": "Am faod mi dealbhan / fuaimean / meadhanan on eadar-lÏon a chleachdadh sna pròiseactan agam?",
"faq.fairUseBody": "Ma chuireas tu romhad obair aig cuideigin eile a chur am broinn na h-obrach agad fhèin, dèan cinnteach gun toir thu urram dhaibh ann an roinn âurramâ aâ phròiseict agus gun cuir thu ceangal ris aâ phròiseact tĂšsail ann. Gus obair-ealain / fuaimean a lorg aig a bhios ceadachas gus an ath-mheasgachadh, thoir sĂšil air an {ccLink}.",
"faq.ccLinkText": "duilleag luirg aig Creative Commons",
"faq.whyAccountTitle": "Carson a bhiodh cunntas Scratch feumail dhomh?",
"faq.whyAccountBody": "FiĂš âs mur eil cunntas agad, âs urrainn dhut pròiseactan dhaoine eile a chluiche, na beachdan âs am bòrd-brath a leughadh agus na pròiseactan agad fhèin a chruthachadh. Gidheadh, feumaidh tu cunntas mus sĂ bhail no co-roinn thu pròiseact ann, mus sgrĂŹobh thu beachdan no postaichean air aâ bhòrd-bhrath agus mus gabh thu pĂ irt ann an gnĂŹomhachd âsòisealtaâ na coimhearsnachd (can comharradh gur âtoigh leatâ pròiseact aig cuideigin eile).",
"faq.createAccountTitle": "Ciamar a chruthaicheas mi cunntas?",
"faq.createAccountBody": "Cha leig thu leas ach briogadh air âBallrachdâ air duilleag-dhachaigh Scratch. Feumaidh tu corra ceist fhreagairt agus seòladh puist-d a thoirt seachad.Cha toir e ach mionaid no dhĂ agus tha e an-asgaidh!",
"faq.checkConfirmedTitle": "Ciamar a gheibh mi a-mach gun deach an cunntas agam a dhearbhadh?",
"faq.howToConfirmTitle": "Ciamar a dhearbhaicheas mi an cunntas agam?",
"faq.howToConfirmBody": "Nuair a bhios tu air clĂ radh le Scratch, gheibh thu post-d le ceangal na bhroinn. Briog air aâ cheangal gus an cunntas agad a dhearbhadh. Nuair a bhios tu air aâ chunntas agad a dhearbhadh, âs urrainn dhut pròiseactan a cho-roinneadh, beachdan a sgrĂŹobhadh agus stiĂšideothan a chruthachadh. Le cunntas dearbhte, âs urrainn dhut naidheachdan o sgioba Scratch fhaighinn air aâ post-d cuideachd. Mura faigh thu lorg air aâ phost-d sa bheil an ceangal dearbhaidh, thoir sĂšil air aâ phasgan truilleis agad. Mura lorg thu e fhathast agus nam gu toigh leat lethbhreac eile fhaighinn dheth, tadhail air âRoghainnean aâ chunntaisâ agad, briog air an taba âPost-dâ agus lean ris an stiĂšireadh an siud. Thoir an aire gum mair e suas ri uair a thĂŹde mus ruig am post-d thu. Mura faic thu am post-d Ă s dèidh uair a thĂŹde, {contactLink} mu dhèidhinn.",
"faq.contactLinkText": "innis dhuinn",
"faq.checkConfirmedBody": "Gus sĂšil a thoirt co-dhiubh an deach an cunntas agad a dhearbhadh gus nach deach, clĂ raich a-steach dhan chunntas Scratch agad agus tadhail air duilleag {settingsLink}. Ma chaidh an seòladh puist-d a dhearbhadh, chĂŹ thu cromag uaine ri a thaobh. Mura deach, chĂŹ thu teacsa orainds ag innse âCha deach an seòladh puist-d agad a dhearbhadh.â",
"faq.settingsLinkText": "roghainnean aâ phuist-d",
"faq.requireConfirmTitle": "A bheil agam ris an cunntas agam a dhearbhadh?",
"faq.requireConfirmBody": "âS urrainn dhut iomadh gleus Scratch a chleachdadh fhathast gun a bhith aâ dearbhadh aâ chunntais agad, aâ gabhail a-staigh cruthachadh is sĂ bhaladh phròiseactan (gun a bhith gan co-roinneadh).",
"faq.forgotPasswordTitle": "DhĂŹochuimhnich mi an t-ainm-cleachdaiche no am facal-faire agam. Ciamar a dhâath-shuidhicheas mi e?",
"faq.forgotPasswordBody": "Cuir a-steach an t-ainm-cleachdaiche no an seòladh puist-d agad air duilleag {resetLink}. Cuiridh an là rach-lÏn post-d chun na seòlaidh a tha co-cheangailte ris an ainm-chleachdaiche agad agus bidh ceangal na broinn as urrainn dhut cleachdadh airson am facal-faire agad ath-shuidheachadh.",
"faq.resetLinkText": "ath-shuidheachadh an fhacail-fhaire",
"faq.changePasswordTitle": "Ciamar a dhâatharraicheas mi am facal-faire agam?",
"faq.changePasswordBody": "ClĂ raich a-steach air aâ chunntas Scratch agad agus tadhail air duilleag {changeLink} far an urrainn dhut am facal-faire agad atharrachadh.",
"faq.changeLinkText": "roghainnean an fhacail-fhaire",
"faq.changeEmailTitle": "Ciamar a dhâatharraicheas mi an seòladh puist-d agam?",
"faq.changeEmailBody": "ClĂ raich a-steach air aâ chunntas Scratch agad agus tadhail air duilleag {changeEmailLink} far an urrainn dhut an seòladh puist-d agad atharrachadh.",
"faq.newScratcherTitle": "Ciamar a thèid mi nam âNeach-Scratchâ o âNeach-Scratch Ăšrâ?",
"faq.newScratcherBody": "Nuair a chruthaicheas tu cunntas, thèid âNeach-Scratch Ăšrâ a thoirt ort. Airson dol nad âNeach-Scratchâ, cruthaich is co-roinn pròiseactan, cuir beachdan cuideachail ri pròiseactan Luchd-Scratch eile agus bi foighidinneach! Nuair a bhios tu air na tha a dhĂŹth a choileanadh, nochdaidh ceangal air duilleag na pròifil agad a bheir cuireadh dhut ach an tèid thu nad Neach-Scratch agus gheibh thu comasan a bharrachd air lĂ rach-lĂŹn Scratch. (Thoir an aire nach Ă rdaich sinn Luchd-Scratch Ăšr nan Luchd-Scratch ri linn iarrtas)",
"faq.multipleAccountTitle": "Am faod iomadh cunntas a bhith agam?",
"faq.multipleAccountBody": "Faodaidh iomadh cunntas a bhith agad air lĂ rach-lĂŹn Scratch cho fad âs nach cleachd thu gin dhiubh gus {cgLink} a bhriseadh. Ma bhriseas tu iad, faodaidh sinn a h-uile cunntas co-cheangailte a bhacadh no a sguabadh Ă s.",
"faq.multipleLoginTitle": "Am faod iomadh duine clĂ radh a-steach leis an aon chunntas?",
"faq.multipleLoginBody": "Cha cheadaich sinn e on a chuireas e breisleach air an lĂ rach-lĂŹn agus deasaiche nam pròiseact nuair a bhios iomadh daoine air clĂ radh a-steach leis an aon chunntas. Nuair a nĂŹ cunntas rudeigin a bhriseas {cgLink}, dhâfhaoidte gum bac no gun sguab sinn Ă s dhan a h-uile cunntas a tha co-cheangailte ris. Ma cho-roinneas tu cunntas le cuideigin eile a bhios ri droch-ghiĂšlain leis, is ciall dha sin gur dòcha gun tèid na cunntasan agad a bhacadh ri linn rud a rinn an neach eile.",
"faq.changeUsernameTitle": "An urrainn dhomh an t-ainm-cleachdaiche agam atharrachadh?",
"faq.changeUsernameBody": "Tha structar lĂ rach-lĂŹn Scratch an eisimeil air ainmean chunntasan cunbhalach, mar sin cha ghabh an t-ainm-cleachdaiche agad atharrachadh. Ma tha cruaidh feum agad air ainm-cleachdaiche Ăšr, âs urrainn dhut cunntas Ăšr a chruthachadh ach feumaidh tu fhèin lethbhreac dhe na pròiseactan agad a chur a-nall.",
"faq.shareInfoTitle": "Dè am fiosrachadh as urrainn dhomh a cho-roinneadh air / leis aâ chunntas agam?",
"faq.shareInfoBody": "Na co-roinn fiosrachadh conaltraidh pearsanta, can an seòladh far a bheil thu aâ fuireach, an seòladh puist-d no an Ă ireamh fòn agad no dad sam bith eile a ghabhadh cleachdadh gus conaltradh riut taobh a-muigh lĂ rach-lĂŹn Scratch. Dèan gearan mu phròiseactan, beachdan no postaichean bĂšird-bhrath sa bheil an seòrsa seo de dhâfhiosrachadh ach an urrainn dhan sgioba Scratch am fiosrachadh a thoirt air falbh agus am poileasaidh againn an aghaidh co-roinneadh fiosrachaidh conaltraidh phearsanta a chur an cuimhne an Ăšghdair.",
"faq.deleteAccountTitle": "Ciamar a sguabas mi Ă s an cunntas agam?",
"faq.deleteAccountBody": "ClĂ raich a-steach air Scratch agus an uair sin briog air an t-ainm-cleachdaiche agad san oisean deas aig aâ bhĂ rr. Tagh âRoghainnean aâ chunntaisâ agus an uair sin briog air aâ cheangal âTha mi airson an cunntas agam a sguabadh Ă sâ aig bonn na duilleige. Gidheadh, na dèan sin ach ma tha thu cinnteach dha-rĂŹribh gum bu toigh leat an cunntas agad a sguabadh Ă s.",
"faq.scratchFreeTitle": "A bheil Scratch an-asgaidh? Am faod mi a chleachdadh Ă ite sam bith a thogras mi?",
"faq.scratchFreeBody": "Tha! Tha Scratch ri fhaighinn an-asgaidh. âS urrainn dhut a chleachdadh san sgoil agad agus faodaidh tu cĂšrsa a theagasg mu dhèidhinn (fiĂš âs mas e cĂšrsa air airgead a thâ ann).Cha leig thu leas ceadachas a cheannach: tha e an-asgaidh!",
"faq.scratchScreenshotTitle": "Am faod mi glacaidhean-sgrĂŹn de Scratch a chleachdadh ann an leabhar no taisbeanadh?",
"faq.scratchScreenshotBody": "Faodaidh, faodaidh tu glacaidhean-sgrĂŹn / dealbhan dhen aplacaid is dhen lĂ rach-lĂŹn Scratch a cleachdadh am broinn leabhair no taisbeanaidh cho fad âs a chuireas tu iad fo cheadachas {licenseLink}. Tha sinn ag iarraidh ort gun cuir thu nòta ris an stuth agad am badeigin a dhâinnseas: ââS e pròiseact aig an Fhonndas Scratch ann an co-obrachadh leis aâ bhuidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a thâ ann an Scratch.Tha e ri fhaighinn an-asgaidh air https://scratch.mit.eduâ.",
"faq.licenseLinkText": "Creative Commons Attribution-ShareAlike",
"faq.scratchDescriptionTitle": "Am faod mi tuairisgeul air Scratch a ghabhail a-staigh ann an sanas-leabhranan agus stuthan eile?",
"faq.scratchDescriptionBody": "Faodaidh gu dearbh! Seo a tuairisgeul a mholamaid: ââS e cĂ nan còdachaidh agus coimhearsnachd air loidhne a thâ ann an Scratch far an urrainn dhut na sgeòil, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnĂŹomhach agad fhèin a chruthachadh â agus na chruthaich thu a cho-roinneadh le cĂ ch air feadh an t-saoghail. Fad âs a chruthaicheas is a cho-roinneas iad pròiseactan Scratch, ionnsaichidh òganaich mar a smaoinicheas iad gu cruthachail is gu rianail agus mar a dhâobraicheas iad còmhla.âS e pròiseact aig {sfLink} ann an co-obrachadh leis aâ bhuidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a thâ ann an Scratch. Tha e ri fhaighinn an-asgaidh air https://scratch.mit.eduâ",
"faq.presentScratchTitle": "Am faod mi Scratch a thaisbeanadh aig co-labhairt?",
"faq.presentScratchBody": "Dèan taisbeanadh air Scratch do luchd-foghlaim is buidhnean eile air do thoil fhèin.",
"faq.supportMaterialTitle": "Am faod mi stuthan taice, sprÏdean, dealbhan, fuaimean no buill-shampaill air pròiseactan Scratch a lorg mi air an là rach-lÏn a chleachdadh / ath-mheasgachadh?",
"faq.supportMaterialBody": "Faodaidh: Tha aâ mhòrchuid de na stuthan taice Scratch air an lĂ rach-lĂŹn Scratch ri am faighinn fo cheadachas {licenseLink}. Tha cuid a dhâeisgeachdan ann: is iad suaicheantas Scratch, cat Scratch, Gobo, Pico, Nano, Giga agus Tera a tha nan comharran-malairt Scratch agus chan fhaod thu an cleachdadh Ă s aonais cead sònraichte o sgioba Scratch.",
"faq.sellProjectsTitle": "An urrainn dhomh na pròiseactan Scratch agam a reic?",
"faq.sellProjectsBody": "âS urrainn: Is tu fhèin a chruthaich na pròiseactan agad. Ach thoir an aire nuair a bhios tu air am pròiseact agad a cho-roinneadh air lĂ rach-lĂŹn Scratch gum faod duine sam bith am pròiseact agad a luchdadh a-nuas, ath-mheasgachadh is ath-chleachdadh gu saor fo theirmichean ceadachas {licenseLink}.Mar sin, ma tha reic aâ phròiseict agad fainear dhut, dhâfhaodte nach bu toigh leat a cho-roinneadh air lĂ rach-lĂŹn Scratch tuilleadh.",
"faq.sourceCodeTitle": "CĂ ite an lorg mi bun-tĂšs Scratch?",
"faq.sourceCodeBody": "Gheibh thu bun-tÚs an deasaiche prògramachaidh Scratch air {guiLink}. Tha am bun-tÚs aig {flashLink} agus {scratch14Link} ri am faighinn air GitHub cuideachd. Airson an fhiosrachaidh as Úire mu na pròiseactan leasachaidh co-cheangailte ri là rach-lÏn Scratch, tadhail air an {developersLink} againn.",
"faq.scratch14": "Scratch 1.4",
"faq.okayToShareTitle": "Ciamar a tha fios agam dè tha ceart gu leòr gus a cho-roinneadh air là rach-lÏn Scratch?",
"faq.okayToShareBody": "Thoir sĂšil air {cgLink} â chan eil iad fada aghs chan eil tòrr cainnt laghail nam broinn. Tha ceangal air bonn gach duilleige air Scratch.",
"faq.reportContentTitle": "Dè nÏ mi ma chÏ mi rudeigin nach eil iomchaidh?",
"faq.reportContentBody": "âS urrainn dhut briogadh air aâ cheangal âDèan gearanâ air pròiseact, beachd, post na deasbaireachd, stiĂšideo no duilleag pròifil sam bith ma tha thu dhen bheachd gu bheil rudeigin ann nach eil ceart airson Scratch. Ma tha an suidheachadh toinnte, âs urrainn dhut an ceangal {contactLink} (ri fhaighinn aig bonn gach duilleige) a cleachdadh gus a mhĂŹneachadh. Dèan cinnteach gun gabh thu fiosrachadh mionaideach a-steach le ceanglaichean dha na duilleagan buntainneach.",
"faq.noFlameTitle": "Dè nÏ mi ma chÏ mi gu bheil cuideigin mosach no mÏ-mhodhail?",
"faq.noFlameBody": "Na cuir ris an teine! Cha tèid ach a h-uile rud a dholaidh ma fhreagras tu do bheachdan mosach le barrachd bheachdan mosach agus is dòcha gun tèid an cunntas agad a bhacadh air a shà illeibh. Cha leig thu leas ach gearan a dhèanamh air rud sam bith a tha mÏ-mhodhail no nach eil cuideachail agus bruidhnidh sinne ris an Úghdar. Bheir sinn sÚil air na gearanan iomadh turas gach latha - mar sin air do shocair, dèiligidh sinn ris.",
"faq.reviewContentTitle": "Dè nÏ sgioba Scratch nuair a thèid gearan a dhèanamh mu rudeigin no bratach a chur ris?",
"faq.reviewContentBody": "Bheir an sgioba Scratch sĂšil air na beachdan is na pròiseactan air an deach gearan a dhèanamh gach latha. Ma bhriseas rudeigin {cgLink}, bheir sinn air falbh e agus cuiridh sinn rabhadh dhan chunntas. Dhâfhaoidte gum bac sinn na cunntasan no lĂŹonraidhean a chaidh a chleachdadh gus a cho-roinneadh cuideachd a-rèir dè cho dona âs a tha e no ma thug sinn rabhadh air aâ chunntas roimhe",
"faq.blockedAccountTitle": "Dè thachras nuair a chaidh cunntas a bhacadh?",
"faq.blockedAccountBody": "Nuair a chaidh cunntas a bhacadh, chan urrainn dhan t-sealbhadair inntrigeadh no a chleachdadh gus pròiseactan a chruthachadh no beachdan a postadh tuilleadh. Nuair a chlà raicheas an neach a-steach, chÏ e duilleag a mhÏnicheas carson a chaidh an cunntas a bhacadh le foirm-lÏn na cois leis as urrainn dha iarraidh gun tèid a dhÏ-bhacadh. Mas urrainn dhan t-sealbhadair a shealltainn gun do thuig iad carson a chaidh an cunntas a bhacadh agus ma bheir iad geall gun lean iad air {cgLink} san à m ri teachd, thèid iad a dhÏ-bhacadh.",
"faq.stolenAccountTitle": "Fhuair cuideigin eile cothrom air aâ chunntas agam agus dhâadhbhraich iad gun deach an cunntas agam a bhacadh. Dè nĂŹ mi?",
"faq.stolenAccountBody": "âS ann ortsa a bhios an t-uallach gun cum thu am facal-faire agad sĂ bhailte. Ma ghabh cuideigin smachd air aâ chunntas agad agus ma nĂŹ iad droch-rudan leis, innis do na h-inbhich a stiĂširicheas an coimpiutair a chaidh a chleachdadh. Ma tha thu dhen bheachd gun dâ fhuair cuideigin nach aithne dhut smachd air aâ chunntas agad, atharraich am facal-faire agad agus / no cleachd an ceangal {contactLink} gus an suidheachadh a mhĂŹneachadh. Ma chaidh do bhacadh air sĂ illeibh gnĂŹomha rinn thu fhèin âs a bhris {cgLink}, na feuch innse dhuinn gun do rinn cuideigin eile e. Nuair a dhâinnseas daoine rinn gun do chleachd duine eile an cunntas aca airson droch-rudan a dhèanamh, feumaidh sinn feuchainn an uair sin gum bruidhinneamaid ris an neach ud mur urrainn dhuinn an cunntas aiseag. Is ciall dha seo gum mair an cunntas agad bacte Ăšine mòran nas fhaide ach nan robh thu ag innse na fĂŹrinn mu na thachair.",
"faq.aboutExtensionsTitle": "Dè thâ ann an leudachain?",
"faq.aboutExtensionsBody": "San deasaiche Scratch, âs urrainn dhut cruinneachaidhean de bhlocaichean a bharrachd a chur ris air a bheil âleudachainâ. Mar eisimpleir, tha leudachain ann a leigeas leat uidheaman fiosaigeach a prògramachadh (can micro:bit no trusgain robotaireachd LEGO) agus teacsa eadar-theangachadh am broinn nam pròiseactan Scratch agad. Leanaidh sinn oirnn aâ cur leudachain Ăšra ri Scratch san Ă m ri teachd ach am fĂ s nas urrainn dhut dèanamh le Scratch. ",
"faq.howToAddExtensionsTitle": "Ciamar a chuireas mi leudachan ri pròiseact?",
"faq.howToAddExtensionsBody": "Ma nĂŹ thu briogadh air putan âLeudachainâ san oisean taobh clĂŹ aig aâ bhonn ann an deasaiche prògramachaidh Scratch, chĂŹ thu liosta de na leudachain Scratch uile. Nuair a thaghas tu fear de na leudachain, thèid cruinneachadh de bhlocaichean Ăšra a chur ris aâ phròiseact agad. Thèid an leudachan a luchdadh gu fèin-obrachail an uair sin gach turas a dhâfhosglas cuideigin am pròiseact.âS urrainn dhut iomadh leudachan a chur ris an aon phròiseact.",
"faq.createExtensionsTitle": "Ciamar a chruthaicheas mi leudachan agam fhĂŹn airson Scratch?",
"faq.createExtensionsBody": "Foillsichidh sgioba Scratch sònrachadh is riaghailtean-treòrachaidh airson leudachain san Ă m ri teachd. Nuair a bhios iad ri am faighinn, âs urrainn dhut leudachain a chur a-null gu sgioba Scratch ach am beachdaich sinn air an cuir sinn ri leabhar-lann nan leudachan Scratch 3.0 oifigeil e. Bheir sinn seachad cuideachd riaghailtean-treòrachaidh airson leasachadh is sgaoileadh leudachain âdeuchainneachâ a ghabhas cleachdadh airson pròiseactan a chruthachadh air coimpiutairean fa leth ach nach gabh co-roinneadh sa choimhearsnachd Scratch air loidhne.",
"faq.scratchXTitle": "Dè dhâèireas do lĂ rach-lĂŹn ScratchX?",
"faq.scratchXBody": "âS e Ă rainneachd dheuchainneach airson leudachain a bhâ ann an lĂ rach-lĂŹn ScratchX (scratchx.org). Chan eil leudachain a chaidh a chruthachadh le ScratchX co-chòrdail ri Scratch 3.0. Nuair a bhios lĂ n-taic againn ri leudachain deuchainneach ann an Scratch, cha chuir sinn taic ri ScratchX tuilleadh agus bheir sinn Ăšine dhan luchd-leasachaidh âs dhan luchd-cleachdaidh ach an gluais iad o ScratchX dhan Ăšrlar leudachain Ăšr.",
"faq.cloudDataInfoTitle": "Dè thâ anns na caochladairean neòil?",
"faq.cloudDataInfoBody": "Leigidh caochladairean neòil leat dĂ ta o phròiseact a shĂ bhaladh agus a cho-roinneadh le daoine eile sa choimhearsnachd Scratch. âS urrainn dhut caochladairean neòil a chleachdadh airson suirbhidhean a dhèanamh agus pròiseactan eile far an inntrig agus atharraich aâ choimhearsnachd an dĂ ta e Ăšine.",
"faq.makeCloudVarTitle": "Ciamar a chruthaicheas mi caochladair neòil?",
"faq.makeCloudVarBody": "Rach gu roinn âCaochladaireanâ air pailead nam blocaichean, tagh âCruthaich caochladairâ agus thoir cromag sa bogsa âCaochladair neòil (ga stòradh air an fhrithealaiche)\". Thèid an dĂ ta agad a tha co-cheangailte ris aâ chaochladair neòil a stòradh air an fhrithealaiche agus ga ghlèidheadh rè Ăšine agus gheibh duine sam bith a dhâfhosglas am pròiseact grèim air.",
"faq.onlyNumbersTitle": "Dè an seòrsa de dhà ta a ghabhas stòradh ann an caochladairean neòil?",
"faq.onlyNumbersBody": "Cha ghabh ach à ireamhan a stòradh ann an caochladairean neòil aig an à m seo.",
"faq.storedCloudInfoTitle": "Cò chÏ an dà ta tha ga ghlèidheadh ann an caochladairean neòil?",
"faq.storedCloudInfoBody": "Nuair a nĂŹ thu eadar-ghnĂŹomh le pròiseact a chleachdas caochladairean neòil, dhâfhaoidte gun tèid am fiosrachadh mu na gnĂŹomhan agad a ghlèidheadh còmhla ris an ainm-chleachdaiche agad agus gum faic cĂ ch e.",
"faq.reportCloudTitle": "Ma chÏ mi gun do phostaich cuideigin susbaint nach eil iomchaidh slighe caochladair neòil, ciamar a nÏ mi gearan mu dhèidhinn?",
"faq.reportCloudBody": "Briog air aâ phutan âDèan gearanâ (aig bonn cluicheadair aâ phròiseict air duilleag aâ phròiseict) gus innse dhuinn mu shusbaint neo-iomchaidh ann an caochladairean neòil. Dèan cinnteach gun toir thu iomradh air âcloud variablesâ nuair a sgrĂŹobhas tu an t-adhbhar agad san aithris.",
"faq.chatRoomTitle": "An urrainn dhomh seòmraichean-còmhraidh a dhèanamh le caochladairean neòil?",
"faq.chatRoomBody": "Ged a ghabhas seòmair-còmhraidh a chruthachadh le caochladairean neòil gu teicnigeach, chan eil iad ceadaichte air là rach-lÏn Scratch.",
"faq.changeCloudVarTitle": "Cò as urrainn dhan fhiosrachadh ann an caochladair neòil atharrachadh?",
"faq.changeCloudVarBody": "Chan urrainn ach thu fhèin agus na daoine a sheallas am pròiseact agad dĂ ta a stòradh ann an caochladairean neòil aâ phròiseict agad. Ma chleachdas cuideigin an gleus âSeall a-steachâ no ma nĂŹ iad ath-mheasgachadh air aâ phròiseact agad, cruthaichidh sin lethbhreac dhen chaochladair agus cha bhi buaidh no atharrachadh sam bith air aâ chaochladair tĂšsail.",
"faq.newScratcherCloudTitle": "Tha mi air clĂ radh a-steach ach chan urrainn dhomh pròiseactan le caochladairean neòil a chleachdadh. Dè tha aâ tachairt?",
"faq.newScratcherCloudBody": "Ma tha thu nad âNeach-Scratch Ăšrâ air an lĂ rach-lĂŹn fhathast, chan urrainn dhut pròiseactan le caochladairean neòil a chleachdadh. Feumaidh tu dol nad âNeach-Scratchâ mus fhaigh thu inntrigeadh do chaochladairean neòil.Seall earrann nan âCunntasanâ (gu h-Ă rd) airson barachd fiosrachaidh mu mar a thèid thu nad âNeach-Scratchâ seach âNeach-Scratch Ăšrâ.",
"faq.multiplayerTitle": "An urrainn dhomh geamannan ioma-chluicheadair a dhèanamh le caochladairean neòil?",
"faq.multiplayerBody": "Dhâfhaoidte nach chruthaich thu geama ioma-chluicheadair gun duilgheadas ri linn luaths lĂŹonraidh is trioblaidean sioncronachaidh. Co-dhiĂš no co-dheth, lorg cuid dòighean cruthachail gus caochladairean neòil a cleachdadh airson geamannan suidhichte air cuairtean is seòrsaichean de gheamannan eile.",
"faq.schoolsTitle": "Scratch aig an sgoil",
"faq.howTitle": "Ciamar a tha Scratch âga chleachdadh aig an sgoil?",
"faq.howBody": "Tha Scratch ga chleachdadh aig ceudan de mhĂŹltean de sgoiltean air feadh an t-saoghail ann an grunn chuspairean (aâ gabhail a-steach cĂ nan, ealain, saidheans, eachdraidh, matamataig agus coimpiutaireachd). Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu innleachdan is goireasan gus Scratch a chleachdadh aig an sgoil agus Ă rainneachdan foghlaim eile (can taighean-tasgaidh, leabhar-lannan agus ionadan-coimhearsnachd) air an {educatorsLink} againn.",
"faq.educatorsLinkText": "duilleag dhan luchd-fhoghlaim",
"faq.noInternetTitle": "An urrainn dha na h-oileanaich Scratch a chleachdadh Ă s aonais ceangal dhan eadar-lĂŹon?",
"faq.noInternetBody": "âS urrainn. âS e tionndadh dhe Scratch a ghabhas luchdadh a-nuas a thâ ann an {downloadLink} âs a ghabhas ruith air laptop no desktop. Tha aplacaid Scratch ri fhaighinn air uidheaman Windows is Mac aig an Ă m seo.",
"faq.communityTitle": "An urrainn dhomh aâ choimhearsnachd air loidhne a chur dheth airson nan oileanach agam?",
"faq.communityBody": "Solairidh aâ choimhearsnachd air loidhne Scratch dòigh dhan fheadhainn òga ach an obraich âs an ionnsaich iad còmhla ris an fheadhainn òga eile fo stiĂšireadh {cgLink}. Gidheadh, tha sinn aâ tuigsinn gum bâ fearr le cuid dhen luchd-fhoghlaim mura rachadh na h-oileanaich aca an sĂ s ann an coimhearsnachd air loidhne. Mholamaid dhan luchd-fhoghlaim sin gun stĂ laich iad aplacaid Scratch a ruitheas far loidhne is gu h-ionadail air coimpiutair desktop no laptop.",
"faq.teacherAccountTitle": "Dè thâ ann an cunntas tidseir?",
"faq.teacherAccountBody": "Bheir cunntas tidsear Scratch gleusan a bharrachd dha thidsearan is luchd-foghlaim eile ach an stiĂširich iad mar a ghabhas oileanaich pĂ irt air Scratch, aâ gabhail a-steach cruthachadh chunntasan oileanaich, eagrachadh air pròiseactan nan oileanach ann an stiĂšideothan agus cumail sĂšil air beachdan nan oileanach. Airson barrachd fiosrachaidh air cunntasan tidsear Scratch, faic na {eduFaqLink}.",
"faq.eduFaqLinkText": "CĂBHA mu chunntasan tidseir Scratch",
"faq.requestTitle": "Ciamar a dhâiarras mi cunntas tidseir Scratch?",
"faq.requestBody": "Faodaidh tu cunntas tidseir Scratch iarraidh air {educatorsLink} air Scratch. Iarraidh sinn barrachd fiosrachaidh rè aâ chlĂ raidh ach an dearbhaich sinn gur e neach-foghlaim a thâ annad.",
"faq.dataTitle": "Dè an dà ta a chruinnicheas Scratch mu na h-oileanaich?",
"faq.dataBody": "Nuair a chlĂ raicheas oileanach le Scratch, iarraidh sinn dĂ ta deamografach bunasach orra, aâ gabhail a-steach an aois (mĂŹos is bliadhna breith) âs an dĂšthaich âs an seòladh puist-d a chum dearbhaidh. Thèid an dĂ ta sin (chan ann an dĂ ta fhèin mar a tha e ach agragaid dheth) a chleachdadh ann an sgrĂšdaidhean rannsachaidh gus cur ris an eòlas againn air mar a dhâionnsaicheas daoine le Scratch. Nuair a chleachdas neach-foghlaim cunntas tidseir Scratch gus grunn de chunntasan oileanaich a chruthachadh, chan iarr sinn post-d no suidheachadh cunntais air na h-oileanaich.",
"faq.lawComplianceTitle": "An gèill an tionndadh air loidhne dhe Scratch ri laghan prÏobhaideachd dà ta ionadail is feadarail nan Stà itean Aonaichte?",
"faq.lawComplianceBody1": "Tha meas mòr aig Scratch air prĂŹobhaideachd nan oileanaich agus nan daoine uile a chleachdas an t-Ăšrlar againn. Tha modhan fiosaigeach is leatronaigeach againn gus am fiosrachadh a chruinnicheas sinn air lĂ rach-lĂŹn Scratch a dhĂŹon. Gad nach urrainn dhuinn barantas cĂšmhnaint a thoirt do gach eintiteas a chleachdas am bathar foghlaim saor âs an-asgaidh againn, tha sinn aâ gèilleadh ris gach lagh feadarail nan StĂ itean Aonaichte a bhios an sĂ s air MIT agus Fonndas Scratch, sin na buidhnean a chruthaich agus a ghlèidh Scratch. Mholamaid gun leugh thu poileasaidh prĂŹobhaideachd Scratch airson barrachd fiosrachaidh.",
"faq.lawComplianceBody2": "Nam bu toigh leat pròiseactan a thogail le Scratch gun a bhith aâ cur fiosrachadh pearsanta sam bith thugainn, âs urrainn dhut {downloadLink} a luchdadh a-nuas. Chan fhaigh sgioba Scratch inntrigeadh air pròiseactan a chaidh a chruthachadh le aplacaid Scratch agus chan fhoillsich cleachdadh aplacaid Scratch fiosrachadh sam bith leis an gabhadh dâ aithneachadh gu Scratch ach ma luchdaicheas tu suas na pròiseactan sin dhan choimhearsnachd air loidhne Scratch."
}